Eadar-theangachadh

Bha Niall an sàs ann am pròiseict eadar-theangachaidh tro Literature Across Frontiers / The Edwin Morgan Trust ann am Pràg agus Alba ann an 2022. Tha Seicis ga cur air na dàin aige le Jitka Bret Sbrová, Ondřej Lipár and Olga Stehlíková anns an duanaire Czech-Scottish Poetry Connections, ri taobh thionndaidhean Gàidhlig le Niall de na dàin acasan. Tha na dàin aige foillsichte ann an Seicis cuideachd ann an Tvar, Host agus, ann an tionndaidhean le Petra Johana Poncarová and Martin Světlík, Plav.

Tha Niall air a bhith air obair air tionndaidhean bho ghrunn bhàrd Catalanach. Chaidh an tionndadh Beurla Ghallda aige den dàn chliùiteach le Maria-Mercè Marçal ‘Canço de Fer Camí’, fhoillseachadh anns an Albannach mar Dhàn na Seachdain gus 70 bliadhna o bhreith a’ bhàird a chomharrachadh.

Maria-Mercè Marçal

ceumaircheum.jpg

Crìsdean MacIlleBhàin (Christopher Whyte)

Nochd tionndaidhean le Niall chun na Beurla agus na Beurla Gallda bho dhàin nas fhaide Chrìsdein MhicIlleBhàin ann an New Writing Scotland agus chaidh an cruinneachadh ann an Ceum air Cheum, a chaidh ainmeachadh airson Duais Chomann a' Chrainn. Leughar an tionndadh le Niall bhon phrìomh dhàn aig Poetry International an seo.

Eadar-theangachadh eile

Chuir Niall Gàidhlig na h-Alba air saothair grunn sgrìobhadairean Èireannach do STEALL, nam measg am bàrd cliùiteach Biddy Jenkinson anns a' chiad àireimh den iris. Cuideachd, tha e a' deasachadh duanaire de dhàin Ghàidhlig Ghlaschu, Bàrdachd a' Bhaile Mhòir, le tionndaidhean Beurla agus Beurla Gallda bho shaothair grunn bhàrd Gàidhlig.